Bha Dòmhnall Ruadh Chorùna na shaighdear anns na trainnsichean anns a' Chiad Chogadh. Sgrìobh e grunnan òrain aig an àm sin anns a bheil e ag innse co ris a bha sin coltach - an dà chuid an t-sabaid fhèin agus, an rud a b' eagalaiche air fad a rèir nan saighdearan, a bhith a' feitheamh airson an t-sabaid tòiseachadh.
Chan eil Dòmhnall Ruadh a' cur sìos air a' chogadh seo no air cogadh san fharsaingeachd mar a bha cuid de bhàird Bheurla an ama seo. Cha mhò a tha e a' cur fhaireachdainn an cèill gu follaiseach mar as trice. 'S ann a bhios e dìreach ag innse dè a tha a' tachairt agus dè an seòrsa suidheachaidh anns a bheil e agus tha na faireachdainnean a' tighinn am follais tron dealbh. 'S e sin neart na bàrdachd aige.
An dèidh tilleadh dhachaigh aig deireadh a' Chogaidh, lean Dòmhnall air ri bàrdachd. Bha a' bhàrdachd seo a' toirt cunntas air rudan a bha a' tachairt san sgìre, cunntas èibhinn glè thric. Bhiodh e cuideachd a' moladh bòidhchead na dùthcha mun cuairt agus daoine ainmeil, no a' toirt dealbh air pàirtean den t-seann dòigh-beatha mar an t-sealg. Uaireannan, bhiodh e a-mach air rudan anns an t-saoghal mhòr, mar an 'H-bomb'.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh dhe bheatha, thill Dòmhnall Ruadh gu bhith a' cur a shuidheachadh pearsanta fhèin far comhair na bhàrdachd. A-nise, 's e an aois, agus an dìth comais agus chothroman a tha tighinn leatha, a tha a' gluasad a bhàrdachd, mar a bha cunnartan a' Chogaidh roimhe sin. Anns na dàin sin tha sinn a' faighinn dealbh shìmplidh, shoilleir bhuaithe air co ris a tha e coltach do dhuine mar esan a bha sunndach, dèanadach a-riamh a bhith a-nise lag agus lapach.
Tha na dàin uile ann an rannaigheachd thraidiseanta. 'S e òrain a tha annta a dh'fhaodas a bhith air an seinn, agus tha sèist le cuid aca. Tha ruitheam agus ceòl an dà chuid na phàirt de thlachd na bàrdachd agus a' cur ris na tha aig a' bhàrd ri ràdh mar as trice.
Tha Dòmhnall Ruadh sa chumantas a' cleachdadh beairteas cànain agus ghnàth-fhaclan airson loinn a chur air a' bhàrdachd. Ach anns na dàin mun chogadh agus mun aois tha e a' cur a smuaintean an cèill ann an dòigh lom shìmplidh, gun mòran sam bith de sgeadachadh.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Dòmhnall Ruadh ag innse dè an t-òran as fheàrr leis
Dòmhnall Ruadh Chorùna: Uill tha mi a' smaoineachadh gur e an t-òran a rinn mi an dèidh Blàr Arrais.
Fred MacAmhlaidh: Bha thu sa chògadh mar sin?
DRC: Bha, bha gu dearbh.
FM: Is cò rèisimeid leis an robh thu?
DRC: Bha mi anns a' Southern Batallion de na Chamshronaich an toiseach... agus chrìochnaich mi anns a' 49th Division anns a' West Riding Field.
Air adhart gu
BàrdachdCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.