20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Beachdan

Taghadh à lèirmheas a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Dòmhnall Ruadh Chorùna, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacLeòid, D. I. (Am Foghar 1969) Dòmhnall Ruadh Chorùna, Òrain is Dàin le Dòmhnall Dòmhnallach à Uibhist a Tuath.

Gairm, 68, td. 371

Òrain is Dàin

"Tha a-nise leabhar eile againn nach cuir dorradas air mòran – "Dòmhnall Ruadh Chorùna," bàrdachd cho tlachdmhor, inntinneach 's a leugh mi o chionn ghreis.

'S e an Cogadh an toiseach a dh'fhad spiorad a' bhàird an Dòmhnall Ruadh. Bha e 27 nuair a thogadh e a Chogadh a' Cheusair: eadras sin is 1920 (7 bliadhna) rinn e dusan òran anns a bheil e cur an cèill na chaidh e troimhe fad nam bliadhnaichean deuchainneach sin.

Cha tug an Cogadh cumadh ùr air a bhàrdachd mar a thachair do Iain Rothach. Cha mhotha na sin a tha teagamh aige san adhbhar anns a bheil e sabaid no a tha co-fhaireachdainn aige ri nàimhdean mar a bh'aig Wilfred Owen is, gu ìre, aig Murchadh Moireach is T. D. MacDhòmhnaill. Ach cha tuirt sin gur e bàrdachd brosnachaidh a rinn e mar a rinn Iain Ruadh Stiùbhart, Mac Mhaighstir Alasdair is leithid Rupert Brooke: tha Dòmhnall Ruadh a' dèanamh dealbh dhuinn air teothad na sabaid is air dulangas is faireachdainnean nan saighdeir...

Tha cuid a bhàird Ghàidhlig a bhios a' dèanamh òran dìreach airson gu bheil an nàbaidhean measail air an eirmseachd beòil. Bidh iad seo – o Dhonnchadh Bàn gu Bàrd Phaisley – a' tarraing air repertoire àraidh de chuspairean: moladh nan urracha mòra, àbhachd mu bhainnsean is eile, càineadh, moladh an àite dham buin iad. Bidh cuid eile dèanamh dhàn gus faochadh a thoirt do leòn cridhe, feadhainn mar Uilleam MacCoinnich Chnoc Chùsbaig agus leannan Ailein Duinn. B' ann den dara seòrsa seo a bha Dòmhnall Ruadh Chorùna, a thaobh gur e uallaichean a' Chogaidh a rinn bàrd dheth, ach tha aon rud àraidh a tha ga chomharrachadhsan a-mach o chàch. 'S e sin, aon uair 's gun do dh'ionnsaich an Cogadh dha aig aois 27 gu robh comasan bàird aige, chùm e air ri bàrdachd; nuair a thill e às a' Chogadh, cha robh faireachdainnean a chridhe dian gu leòr tuilleadh gu bhith nan cuspair bàrdachd is, mar sin, stiall e air cur-seachadan nam bàrd-baile...

Tha na h-òrain seo cho math ri gin a chuala mi riamh, gu h-àraidh an fheadhainn èibhinn. Tha sùil a' bhàird a' ruith air sgrìob fharsaing – tha e ag aotromas mu "Mhotor Boat Heisgeir" (a' sealltainn snas a bheòil le dealbh air an einnsean) agus "Rocaid nan Ameireaganach," mu chor na dùthcha is mu "Cheit Nic Uisdein." 'S e spòrs as motha tha fa-near dha nuair a tha e mach air innealan ùra is gnothaichean an t-saoghail...

Bho 1920 gu faisg air deireadh a bheatha, bha Dòmhnall Ruadh na nàdar de poet laureate. Ach, sa bhàrdachd mu dheireadh a rinn e tha e tilleadh a-rithist gu bhith dealbhachadh a chridhe fhèin. Rinn feadhainn de na seann bhàird – mar Donnchadh Bàn – seo, ach cha robh an sin, mar bu trice, ach smuainteachadh aig nach robh mòran stèidh nan co-fhaireachdainn. Cha b'e sin do Dhòmhnall Ruadh e...

B'e "An Eala Bhàn" an aon fhear de òrain Dhòmhnaill Ruaidh Chorùna air an robh aithne aig mòran ron seo: tha sinn fada an comain Seonaidh Ailig Mac-a-Phearsain is Fred MacAmhlaidh airson an cruinneachadh snasail seo a chur fa ar comhair. Tha an dà chuid lìomhadh is doimhne am bàrdachd Dhòmhnaill Ruaidh: ma tha duine airson bàrdachd san t-seann nòs Ghàidhlig fhaicinn aig a h-àine, chan eil dol às aige ach an leabhar taitneach seo a cheannach."

Teacsa

Cuimhneachain triùir à Uibhist a Tuath air Dòmhnall Ruadh

Chan eil teagamh sam bith agamsa nuair a thig e gu h-àraid gu òrain cogaidh, nach eil thu a' bruidhinn air duine a sheasas ann an roinn sam bith de chànanan an t-saoghail.

Bha mothachadh aige gun t'àinig e 'o dhaoine aig an robh liut air bàrdachd. Mas math mo chuimhne, thuirt e rium aig aon àm, "Chan e mi fhèin a thòisich a' crùthachadh na rannan seo, bha iad mar gum biodh a' tighinn thugam à àiteigin eile."

Bha e a' dèanamh dealbh uabhasach breagha air na beanntan 's na lochan 's air an sealladh a bha e fhèin a' faicinn air an àite, "sealladh a' chruthachaidh", mar a thuirt e fhèin.

Air adhart gu

Ceanglaichean

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.