20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Cuspairean

Tha roinn chudromach den bhàrdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh mu dheidhinn a' choimhearsnachd às an tàinig e agus mar a tha a dhàimh fhèin ris an àite agus an dòigh-beatha air atharrachadh, gu h-àraidh on a dh'fhàg e an t-eilean. Ged a tha e a' nochdadh deagh-ghean anns na dàin sin, tha e cuideachd a' togail cheistean cruaidh uaireannan.


Tha ùidh mhòr aig MacAmhlaigh ann an daoine agus an deiligeadh ri chèile.


Bidh e tric a' tòiseachadh le rudan cumanta a chunnaic e no a thachair dha. Mar eisimpleir, balach beag a' cluich ann an 'Iain am measg nan Reultan' no teaghlach Turcach aig fèill ann an 'Latha Fèille'. Bidh e gan sgrùdadh gu mionaideach, bho gach sealladh, a' tarraing smuaintean domhainn à suidheachaidhean sìmplidh. Ann an 'Iain am measg nan Reultan', tha am balach beag a tha a' tilgeil a dhèideagan mu chasan a' bhùird a' samhlachadh mac-meanmna a' faighinn làmh an uachdair air saidheans, a rèir choltais.


'S e sgoilear a tha ann an Dòmhnall MacAmhlaigh a bha na Àrd-Ollamh agus tha buaidh na h-eanchainn agus na sgoileireachd tric ri fhaicinn sa bhàrdachd aige. Tha sin fìor fiù 's ann am bàrdachd gaoil leithid 'Ceumannan'. Glè thric anns na dàin sin, agus ann am feadhainn air Cuspairean eile cuideachd, tha e a' beachdachadh air nàdar na bàrdachd agus nan ealan.


Ged a tha a' bhàrdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh uaireannan doirbh agus domhainn, tha cuid a dhàin, leithid 'An t-Sean-bhean', anns nach eil ach dealbh sìmplidh, inntinneach air daoine, an coltas no an nàdar.


Tha e a' dèanamh tòrr feum de dh'ìomhaighean na bhàrdachd, mar as trice measgaichte le dòighean-sgrìobhaidh nas dìriche. Uaireannan tha a' Ghàidhlig aige domhainn agus toinnte ach, uaireannan eile, tha i sìmplidh agus còmhraiteach. Glè thric bidh na dhà an lùib a chèile ann an dàn.


Anns a' chumantas, bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd na bhàrdachd agus mar as trice tha cruth na bàrdachd air an duilleig a' cur ris an dealbh no a' phuing a tha e a' dèanamh. Tha tòrr den bhàrdachd aige tlachdmhor ri leughadh a-mach. Tha i nas ceòlmhoire agus na ruitheamhan nas làidire na shaoilear air a' chiad sealladh.


Teacsa

Cuin a thòisich Dòmhnall MacAmhlaigh a' sgrìobhadh?

Thòisich mi a' dèanamh bàrdachd timcheall air nuair a chaidh mi dhan an oilthigh, deireadh nan 40s ach cha do rinn mi mòran an uair sin. Cha deach mòran dhiubh sin a chur an clò, bidh fear no dhà san leabhar ùr a tha a' tighinn a-mach bho Acair. 'S ann dìreach an dèidh dhomh a dhol dhan an oilthigh agus tòiseachadh a' leughadh bàrdachd Ghàidhlig agus Bheurla. Bha mi a' dèanamh Beurla agus Gàidhlig agus bha an dà rud a' dol na chèile, anns an inntinn agam co-dhiù.

Cuideachd, air a' cheann baile air an robh mi bha daoine an còmhnaidh a' bruidhinn mu dheidhinn bàrdachd. Bha bàird ainmeil air a bhith anns gach lot a bha air gach taobh den lota againne ach cha robh iad ann na mo latha-sa ach bhiodh daoine an còmhnaidh a' bruidhinn orra. Bha Bàrd Chircebost air an darna-taobh is Iain Chaluim Ruaidh air an taobh eile. 'S e rud a bh' ann anns an robh ùidh aig daoine agus rud anns an do ghabh mise ùidh bho thòisich mi ga chluinntinn. Bhiodh iad an còmhnaidh a' togail rudan èibhinn le bàrdachd is a leithid sin.

Bhiodh daoine ann a bharrachd air an fheadhainn sin a bhiodh a' dèanamh luinneagan agus nuair a dhèanadh daoine luinneag no òran no càil den t-seòrsa sin, bha e am beul a h-uile duine airson ùine mhòr, sin an seòrsa àite a bh' ann am Beàrnaraigh an uair sin. Tha mi a' smaoineachadh gun tug sin na h-uiread de mhisneachd dhomh co-dhiù. Thug e eòlas dhomh air bàrdachd, 's e sin an rud.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.