Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Anna Frater, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
Mac a' Ghobhainn, I. (An t-Earrach 1996) Fon t-Slige.
Gairm 174, td. 185

"'S e Fon t-Slige tiotal an leabhair: ach dè a tha an tiotal seo a' ciallachadh? Chì sinn am freagairt don cheist sin nuair a leughas sinn a' chiad dàn, Crùbag:
Co às a thàinig an t-slige seo? 'S mathaid gu bheil sinn ag ionnsachadh sin nuair a leughas sinn a bàrdachd gaoil, gaol air nach tàinig piseach...
Tha mòran anns an leabhar mu àiteachan is daoine. Bhiodh e àraid mur a biodh dàn ann air Pabail far a bheil dachaigh an ùghdair. Tha i ga coimhead fhèin dùbailte:
Ach tha cuideachd a' Ghearmailt anns a' bhàrdachd aice agus am balla a chaidh a thogail ('s a leagail) eadar pobaill. Tha luaidh air Gorbachev, a dh'fhosgail an cùirtear. Agus (dàn cho math 's a th' anns an leabhar) tha Anna a' bruidhinn air an atharrachadh a thàinig air ìompaireachd Chomannach 's mar a reub an Ruis an rionnag dhearg a-mach às a maoil. Agus tha dàn aice air Bosnia.
Tha saoghal a' ghaoil is saoghal na Roinn Eòrpa a' briseadh. Tha leòn is pian anns gach àite, ùrachadh a tha tarraing pian, ach sin an saoghal anns a' phàirt seo den fhicheadamh linn.
Tha Anna Frater a' cur ri chèile saoghal ar faireachdainn is saoghal ar breithneachaidh, an taobh a-staigh 's an taobh a-muigh, agus tha iad a' cur faileas no solas air a chèile.
Agus nach math gu bheil bàrdachd a shamhail seo againn, bàrdachd thuigseach thruasail ann an saoghal a tha an còmhnaidh a' sgaradh."
MacFhionnlaigh, F. (Am Foghar 1992) Dà bhana-bhàrd à Leòdhas.
Gairm, 160, td. 363
"Bhiodh e reusanta a ràdh nach do sgrìobh Anne Frater gu leòr fhathast gus beachd chothromach a cheadachadh air a comasan. Tha tlachd gu dearbh ri fhaighinn san obair aice, ach tha sinn fiosrach nach eil innte ach ro-cheòl (prelude) – tha sinn an dòchas – gu obair a làn-abachaidh
Tha mi ag aontachadh le beachd Christopher Whyte gur e "Aig an Fhaing" an dàn as fheàrr a tha Anna Frater air a sgrìobhadh gu ruige seo (cho fada co-dhiù 's a tha mi air a h-obair a leughadh).
Anns an dàn seo tha mise mar leughadair a' faireachdainn cofhurtail agus "aig an taigh", dìreach mar a tha a' bhan-bhàrd fhèin a' faireachdainn aig deireadh an dàin. Tha an dàn a' gluasad gu socair gu nàdarra. 'S e tuairisgeul a th' ann, seach an seòrsa samhlachais a chleachd i ann an "Ar Cànan 's ar Clò" agus "Leasachadh". Tha e "fìorach" (realist) a thaobh stoidhle. Tha sinn a' creidsinn anns an tachartas. Chan eil an dàn a' tighinn eadar sinn fhèin agus an tachartas. Tha sinn a' coimhead tro uinneag shoilleir, 's chan ann "gu dorcha tro ghlainne"."
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Chrissie Bannerman a' beachdachadh air Maìri Iain Mhurch' Chaluim
Tha Anna Frater anns a' bhàrdachd a sgrìobh i mar chuimhneachan air a seanmhair, a' sealltainn a-rithist a' bhuaidh mhaireannach a bh'aig call na Iolaire air beatha nan teaghlaichean a dh'fhuiling a' bhuille chruaidh an oidhche sin. Bha athar seanmhair Anna air fear dhen fheadhainn nach d' fhuair às. Bha e air an ròp' an uair a bhris e. Bha an teaghlach òg, a bha air am fàgail gun athair, air an ainmeachadh air am màthair agus fad a beatha bha an nighean a' faireachdainn seo: "... oir bha athair agam ..."
Tha Anna mu dheireadh a' toirt dha seanmhair an t-ainm a bha cho mòr aice, sin Màiri Iain Mhurch' Chaluim.
Air adhart gu
CeanglaicheanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.