
Unit 35 - Discussing Energy issues
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Pòl: A bheil teine fosgailte agad?
- Do you have an open fire?
- Iain: Chan eil. Thug sinn a-mach e.
- No we took it out.
- Pòl: Dè chuir sibh na àite?
- What did you put in its place?
- Iain: Chuir stòbh. Tha e mòran nas blàithe.
- [We] put a stove. It’s much warmer.
- Pòl: Dè an connadh a tha sibh a’ losgadh?
- What fuel do you burn?
- Iain: Rud sam bith – fiodh, gual, mòine
- Anything – wood, coal, peat.
- Pòl: Chan eil stòbh againn idir.
- We don’t have a stove at all.
- Iain: Ciamar a tha sibh a’ teasachadh an taighe?
- How do you heat the house?
- Pòl: Leis an dealan. Agus ola.
- With electricity. And oil.
- Iain: Tha ola uabhasach daor a-nis.
- Oil is very expensive now.
- Pòl: Tha. Ach tha goileadair-ola againn.
- Yes. But we have an oil[-fired] boiler.
- Iain: Chan eil an dealan cho saor sin nas motha.
- Electricity is not that cheap either.
- Pòl: Chan eil. Ach tha e èifeachdach.
- No. But it’s efficient.
- Iain: Agus chan eil agad ri teine no stòbh a ghlanadh a-mach.
- And you don’t have to clean out a fire or stove.
- Pòl: Tha sin fìor. Ach trobhad ort – càite a bheil thu a’ ceannach fiodh?
- That’s true. But look here – where do you buy wood?
- Iain: Cha bhi mi a’ ceannach fiodh. Bidh mi a’ ceannach gual.
- I don’t buy wood. I buy coal.
- Pòl: Ach thuirt thu gu bheil thu a’ losgadh fiodh anns an stòbh.
- But you said you burn wood in the stove.
- Iain: Tha – ach tha sinn ga fhaighinn saor ’s an-asgaidh.
- Yes – but we get it free of charge.
- Pòl: Ciamar? Is càite?
- How? And where?
- Iain: Tha coille aig an nàbaidh agam. Tha e ga leagail.
- My neighbour has a wood [small forest]. He’s felling it.
- Pòl: Tha sin math.
- That’s good.
- Iain: Tha – ach mairidh am fiodh dìreach dà bhliadhna eile.
- Yes – but the wood will only last two more years.