
Unit 34 - School and University
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Ceitidh: Dè rinn thu aig an oilthigh?
- What did you do at [the] university?
- Anna: Rinn mi ceum ann an Eachraidh na Roinn Eòrpa.
- I did a degree in European History.
- Ceitidh: An robh e inntinneach?
- Was it interesting?
- Anna: Bha e uabhasach inntinneach. Bha deagh òraidichean agam.
- It was extremely interesting. I had good lecturers.
- Ceitidh: Cha do chòrd na h-òraidean agamsa rium idir.
- I didn’t enjoy my own lectures at all.
- Anna: Carson? Dè an cuspair a rinn thu?
- Why? What subject did you do?
- Ceitidh: Rinn mi ceum ann an Cruinn-eòlas.
- I did a degree in Geography.
- Anna: Bhiodh Cruinn-eòlas inntinneach.
- Geography would be interesting.
- Ceitidh: Bha an cuspair fhèin math. Ach cha robh na h-òraidean math.
- The subject itself was good. But the lectures weren’t good.
- Anna: An deach sibh gu àiteachan inntinneach?
- Did you go to interesting places?
- Ceitidh: Chaidh – a dh’Innis Tìle agus Graonlainn.
- Yes – to Iceland and Greenland.
- Anna: Abair e! Bhiodh sin math.
- Wow. That would be good!
- Ceitidh: Ach tha mi cinnteach gun deach thusa gu àiteachan matha cuideachd.
- But I’m certain you went to good places as well.
- Anna: Chaidh. Àiteachan nas blàithe na Innis Tìle is Graonlainn!
- I did. Places [that are] warmer than Iceland and Greenland!
- Ceitidh: Càite an deach thu?
- Where did you go?
- Anna: Chaidh don Ròimh agus a dh’Istanbul.
- Went] to Rome and Istanbul.
- Ceitidh: Is toigh leam an Ròimh. Cha robh mi riamh ann an Istanbul.
- I like Rome. I was never in Istanbul.
- Anna: Bha sinn a’ coimhead air na Ròmanaich agus Byzantium.
- We were looking at the Romans and Byzantium.
- Ceitidh: Is toigh leam Eachdraidh.
- I like History.
- Anna: Is toigh leamsa Cruinn-eòlas cuideachd!
- I like Geography as well!
- Ceitidh: An do rinn thu àrd-cheum?
- Did you do a higher degree?
- Anna: Thòisich mi air PhD. Ach leig mi seachad e.
- I started a PhD. But I let it go.
- Ceitidh: Carson a bha sin?
- Why was that?
- Anna: Phòs mi. An uair sin bha clann agam.
- I got married. And then I had children.
- Ceitidh: ’S e seann stòiridh a tha sin.
- That’s an old story.
- Anna: Ach tha mi a’ dol air ais don oilthigh an ath-bhliadhna.
- But I’m going back to university next year.
- Ceitidh: Sgoinneil!
- Excellent!