
Unit 33 - Literature and Poetry
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Mairead: An toigh leat nobhailean?
- Do you like novels?
- Iain: Tha iad math gu leòr. Ach is fheàrr leam sgrìobhadh neo-fhicseanach.
- They’re okay. But I prefer non-fiction writing.
- Mairead: Carson a tha sin?
- Why is that?
- Iain: A chionn ’s gum bi mi a’ creidsinn na tha an t-ùghdar a’ sgrìobhadh.
- Because I can [will be] believe what the author is writing.
- Mairead: Ach dh’fhaodadh e a bhith breugach!
- But he could be telling lies!
- Iain: Dh’fhaodadh. Ach is toigh leam leabhraichean le fianais is fìrinn annta.
- Perhaps. But I like books with evidence and truth in them.
- Mairead: Nach eil macmeanmna a cheart cho cudromach ris an fhìrinn?
- Isn’t imagination just as important as the truth?
- Iain: Cha chreid mi gu bheil.
- I don’t think so.
- Mairead: Uill, is toigh leamsa nobhailean. Tha an-còmhnaidh nobhail agam.
- Well, I like novels. I always have a novel.
- Iain: Dè seòrsa nobhailean as fheàrr leat?
- What sort of novels do you like best?
- Mairead: Stòiridhean gaoil, stòiridhean dìomhaireachd, rudan eachdraidheil.
- Love stories, mystery stories, historical things.
- Iain: Dè an linn ann an eachdraidh as fheàrr leat?
- What period in history do you like best?
- Mairead: An t-ochdamh linn deug agus an naoidheamh linn deug.
- The eighteenth century and the nineteenth century.
- Iain: Leabhraichean Sasannach, an e?
- English books, is it?
- Mairead: ’S e, anns an fharsaingeachd.
- Yes, in the main.
- Iain: Cò an t-ùghdar as fheàrr leat?
- Which author do you like best?
- Mairead: Cò tha thu a’ smaoineachadh?
- Whom do you think?
- Iain: Jane Austen.
- Jane Austen.
- Mairead: Tha thu ceart.
- You are right.
- Iain: Agus an nobhail aice as fheàrr leat?
- And your favourite novel of hers?
- Mairead: Dèan tomhas.
- Make a guess.
- Iain: Pride and Prejudice.
- Pride and Prejudice.
- Mairead: Chan e – ach Sense and Sensibility.
- No – [but] Sense and Sensibility.