
Unit 20 - Remembering your Schooldays
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Iain: An do chòrd e riut anns an sgoil nuair a bha thu òg?
- Did you enjoy being at school when you were young?
- Seònaid: Chòrd. An do chòrd e riutsa?
- Yes. Did you enjoy it?
- Iain: Chòrd. Bha tidsear math math againn.
- Yes. We had a very good teacher.
- Seònaid: Dè an t-ainm a bh’ air?
- What was his name?
- Iain: Mgr Mac a’ Mhaoilein. Bha e laghach.
- Mr MacMillan. He was nice.
- Seònaid: An do chuir e rionnagan anns an leabhar agad?
- Did he put stars in your book?
- Iain: Chuir. Rionnagan òir!
- Gold stars!
- Seònaid: Cha do chuir an tidsear agamsa rionnagan òir anns an leabhar agamsa.
- My teacher didn’t put gold stars in my book.
- Iain: Nach do chuir e rionnagan airgid ann?
- Did he not put silver stars in it?
- Seònaid: Cha do chuir. Dìreach rionnagan dearga.
- No. Only red stars.
- Iain: Nach robh thu toilichte le rionnagan dearga?
- Weren’t you pleased with red stars?
- Seònaid: Cha robh, gu dearbh. Bha mi ag iarraidh feadhainn òir.
- Certainly not. I wanted (was wanting) gold ones.
- Iain: An do thachair dad annasach anns an sgoil?
- Did anything unusual happen in the school?
- Seònaid: Cha do thachair.
- No.
- Iain: Uill, thachair rudeigin annasach anns an sgoil agamsa.
- Well, something unusual happened in my school.
- Seònaid: Dè bh’ ann?
- What was it?
- Iain: Dhùin balach doras nuair a bha Mgr Mac a’ Mhaoilein a’ tighinn troimhe.
- A boy closed a door when Mr MacMillan was coming through it.
- Seònaid: Dè thachair?
- What happened?
- Iain: Bhuail an doras an tidsear na aodann.
- The door hit the teacher in the face.
- Seònaid: An do bhuail? Dè thachair an uair sin?
- Did it? What happened then?
- Iain: Thuit an tidsear air a dhruim dìreach.
- The teacher fell flat on his back.
- Seònaid: An do thuit? Mo chreach!
- Did he? That’s terrible!
- Iain: Mgr Mac a’ Mhaoilein bochd! Chaill e dà fhiacail.
- Poor Mr MacMillan! He lost two teeth.