
Unit 19 - Expressing capability
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Iain: Am b’ urrainn dhut rudeigin innse dhomh?
- Could you tell me something?
- Ceitidh: Dè rud?
- What [thing]?
- Iain: Dè cho sean 's a tha Mòrag NicLeòid?"
- How old is Morag MacLeod?
- Ceitidh: Cha b’ urrainn idir.
- I couldn’t at all.
- Iain: Ciamar nach b’ urrainn? Is ise d’ antaidh.
- How could you not? She is your aunt.
- Ceitidh: Chan eil fhios agam gu dè an aois a tha i.
- I don’t know how old she is.
- Iain: Nach d’ fhuair thu sin a-mach?
- Did you not find that out?
- Ceitidh: Cha b’ urrainn dhi innse dhomh.
- She couldn’t tell me.
- Iain: Cha b’ urrainn dhi innse dhut! Chan eil mi a’ creidsinn sin.
- She couldn’t tell you. I don’t believe that.
- Ceitidh: Cha b’ urrainn dhi cuimhneachadh cuin a rugadh i.
- She couldn’t remember when she was born.
- Iain: Ach bidh rudeigin aice a dh’innseas sin dhi.
- But she will have something that tells her that.
- Ceitidh: Cha b’ urrainn dhi sin a lorg.
- She couldn’t find that.
- Iain: Chan urrainn dhomh sin a chreidsinn.
- I can’t believe that.
- Ceitidh: Tha mi duilich, ach ’s e an fhìrinn a th’ agam.
- I am sorry but I am telling the truth (lit: it is the truth that is at me).
- Iain: A bheil duine sam bith ann a b’ urrainn innse dhomh?
- Is there anyone who could tell me?
- Ceitidh: Cha chreid mi gu bheil. Bidh e dìomhair gu sìorraidh.
- I don’t think so. It will be secret for ever.