
Unit 16 - Expressing hope and expression
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Iain: Am bi thu aig a' chuirm-chiùil an ath-oidhche?
- Will you be at the concert tomorrow night?
- Seònaid: Tha mi an dòchas gum bi.
- I hope so.
- Iain: Tha dùil agamsa a bhith ann
- I expect to be there.
- Seònaid: Tha mi an dòchas gum bi i tioram.
- I hope the weather will be dry.
- Iain: Tha is mise.
- So do I.
- Seònaid: Cha chreid mi nach bi co-dhiù. Tha coltas math air an aimsir.
- I think it will be, anyway. The weather looks good.
- Iain: Cha chreid mi nach eil thu ceart.
- I think you are right.
- Seònaid: A bheil dùil aig Alasdair a bhith ann?
- Does Alasdair expect to be there?
- Iain: Cha chreid mi gu bheil.
- I don't think so.
- Seònaid: O, tha sin duilich.
- O that's a pity.
- Iain: Bidh e ag obair, ach is dòcha gum faigh e ann fhathast.
- He will be working, but he might make it yet.
- Seònaid: Tha mi an dòchas gum faigh.
- I hope he does.
- Iain: Cha chreid mi nach eil e ag obair cus.
- I think he works too much.
- Seònaid: Fada cus.
- Much too much.
- Iain: Cha chreid mi gu bheil thusa ag obair cus.
- I don't think you work too much.
- Seònaid: No thusa!
- Or you!
- Iain: Tha thu ceart!
- You're right!
- Seònaid: Chì mi an ath-oidhche thu.
- I'll see you tomorrow night.
- Iain: Chì. Tha mi an dòchas gum faic co-dhiù.
- Will do. I hope so anyway.