
Unit 12 - Eating and Drinking
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Iain: A bheil an t-acras ort, Eilidh?
- Are you hungry, Helen?
- Eilidh: Tha gu dearbh. Tha an t-acras mòr orm.
- Yes indeed. I am very hungry.
- Iain: An gabh thu bracaist?
- Will you have some breakfast?
- Eilidh: Gabhaidh.
- Yes.
- Iain: An gabh thu lite?
- Will you take porridge?
- Eilidh: Gabhaidh, le bainne agus siùcar.
- Yes, with milk and sugar.
- Iain: Am bu toigh leat cupa tì cuideachd?
- Would you like a cup of tea as well?
- Eilidh: Bu toil. Tha am pathadh orm.
- Yes. I am thirsty.
- Iain: Tha is ormsa. Ach tha mise ag iarraidh cofaidh.
- So am I. But I want coffee.
- Eilidh: An gabh thu bainne is siùcar anns a' chofaidh?
- Will you take milk and sugar in the coffee?
- Iain: Gabhaidh. Bainne agus dà spàin siùcair.
- Yes. Milk and two spoonfuls of sugar.
- Eilidh: Càite a bheil do chupa?
- Where is your cup?
- Iain: An seo air a' bhòrd.
- Here on the table.
- Eilidh: An gabh thu tost cuideachd? Le ìm agus silidh?
- Will you also take toast? With butter and jam?
- Iain: Cha ghabh. Tha mi ag iarraidh lite, hama, ugh agus marag dhubh an àite tost.
- No. I want porridge, bacon, egg and black pudding instead of toast.
- Eilidh: Mo chreach! 'S e bracaist mhòr a tha thu ag iarraidh.
- My goodness! It's a big breakfast you want.
- Iain: Bobhla lite agus truinnsear le hama, ugh agus marag dhubh. Sin bracaist mhath!
- A bowl of porridge and a plate of bacon, egg and black pudding. That's a good breakfast!