
Unit 08 - Simple counting and reading the clock
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Iain: Cia mheud leabhar a th' agad, Eilidh?
- How many books do you have, Helen?
- Eilidh: Tha ochd. Tha ochd leabhraichean agam.
- Eight. I have eight books.
- Iain: A bheil iad trom?
- Are they heavy?
- Eilidh: Tha, gu dearbh. Cia mheud leabhar a th' agadsa?
- They certainly are. How many books do you have?
- Iain: Tha dà leabhar agam.
- I have two books.
- Eilidh: Tha mòran leabhraichean agam anns a' chàr.
- I have many books in the car.
- Iain: Cia mheud a th' agad?
- How many do you have?
- Eilidh: Tha seachd leabhraichean deug.
- Seventeen books.
- Iain: Seachd leabhraichean deug? Is cia mheud a th' agad aig an taigh?
- Seventeen books? And how many do you have at the house?
- Eilidh: Tha mòran. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mìle leabhar ann.
- Many. I think there are a thousand books.
- Iain: Chan eil ach ceud leabhar anns an taigh agamsa.
- I only have a hundred books in my house.