 Bhiodh telebhisean, r�idio agus air-loidhne an luib na seirbhis |
Dhi�lt Urras a' BhBC l�n-thaic a thoirt do phlanaichean airson Seirbhis Dhidseatach Gh�idhlig, gus an tig tuilleadh dearbhaidh gum bi i buanachdail. Thuirt an t-Urras cuideachd gum feumar tuilleadh fianais air luach na seirbhis a thaobh foghlaim fhaicinn.
Dheadh an t-seirbhis a ruith an com-p�irteachas eadar BBC Alba agus Seirbhis nam Meadhanan G�idhlig.
A r�ir an Urrais, bhitheadh luach ann, ach feumar tuilleadh fiosrachaidh.
Gheibheadh an t-seirbhis - a ghabhadh a-steach telebhisein, r�idio agus an eadar-l�n - maoineachadh luach �18m bhon BhBC agus Seirbhis nam meadhanan G�idhlig (SMG), agus dheadh 35 uairean a th�de de phr�graman G�idhlig a chraoladh gach seachdain.
Chuireadh am BBC �2.5m a bharrachd na tha iad a' cosg mar tha air craoladh G�idhlig ris a' mhaoineachadh.
Tha an t-Urras, a bhios a' cumail s�il air mar a chosgas am BBC airgead a' Chead-chraolaidh, den bheachd gum faodadh gum biodh luach poblach susbainteach an luib na seirbhis.
Co-chomhairleachadh Poblach
Ach, thuirt Urrasair N�iseanta na h-Alba, Jeremy Peat, gun robh fiosrachadh mionaideach a dh�th air an tairgse a rinneadh.
Tha a-nis gu ruige deireadh na bliadhna aig a' BhBC agus SMG le ch�ile, gus tuilleadh fianais a thoirt seachad a thaobh nam buanachdan foghlamach agus eile a bhios an luib na seirbhis �ir, mus tig cr�och air a' cho-chomhairleachadh phoblach.
Th�id co-dh�nadh deireanach a dh�anamh san Fhaoilleach, ged a tha SMG, a th' air a mhaoineachadh leis an Riaghaltas, mar-th� air gealltainn gun cuir iad na planaichean an-s�s, fi� 's as aonais a' BhBC.
Na bu thr�ithe den mh�os seo, cho-dh�in Sgr�dadh Luach Phoblach gum feum an t-seirbhis barrachd a thabhainn dhan phobal, gus sealltainn gu bheil luach an airgid a dh'fheumas cosg air na luib.
Bookmark with:
What are these?