Skip to main contentAccess keys help

[an error occurred while processing this directive]
BBC News
watch One-Minute World News
News image
Last Updated: Wednesday, 3 October 2007, 16:15 GMT 17:15 UK
Connspaid mu fhilm G�idhlig
Dealbh bhon fhilm Seachd: The Inaccesible Pinnacle. Dealbh bho l�rach-l�n an fhlim
Dealbh bhon fhilm Seachd: The Inaccesible Pinnacle.
Tha riochdaire film air a' bhuidheann BAFTA fh�gail seach gun tuirt iad nach t�id am film G�idhlig aige a chur air adhart airson Oscair.

Tha Cr�sdean Young, a rugadh ann an D�n �ideann, feargach nach eil Seachd: The Inaccessible Pinnacle air ainmeachadh ann an roinn nan c�nainean c�ine.

Thuirt e gun robh a' bhreith aca "gu follaiseach an aghaidh na G�idhlig".

Tha am film ag innse sgeulachd bhalaich 's e a' lorg na f�rinn air c�l "sgeulachdan eagalach" a sheanair.

Chaidh seallaidhean an fhilm a tharraing air a' Chuillthionn, san Eilean Sgitheanach.

Dh'innis Mgr Young do BhBC Alba nach d'fhuair e m�neachadh sam bith den adhbhar nach deach am film a chur air adhart.

Thuirt e: "Tha mi a' smaointinn gu bheil e gu follaiseach an aghaidh na G�idhlig. Tha a' bhreith air a d�anamh an aghaidh filmichean nach eil anns a' Bheurla."

THE INACCESSIBLE PINNACLE
'S e colbh d�reach cloiche a th' ann, a dh'�ireas os cionn Sguirr Dheirg a tha 986m (3,234tr).
Ann an Seachd, th�id beatha bhalaich �ig a ghoid leis a sheanair a tha a' b�sachadh, a' toirt an duine �ig don Bhinnean.
Thathar a' creidsinn gur e Sgurr Dearg fear de na slighean as cunnartaiche san Eilean Sgitheanach.

Lean Mgr Young: "Tha mi a' smaointinn gu bheil di-tuigse m�r ann. Tha mi a' smaointinn gur e breith aineolach a th'ann".

Thuirt an riochdaire gun tug ainmeachadh airson Oscar cuideachadh do dh'fhilmichean eile ann an c�nainean c�ine - leithid Ten Canoes agus Apocalypto - a thaobh a bhith a' tarraing luchd-amharc.

Thuirt sti�iriche Seachd - a' chiad fhilm l�n-fhaid anns a' Gh�idhlig - S�m Miller, gun robh e air fh�gail balbh as d�idh mar nach deach am film ainmeachadh.

Thuirt e: "Tha sinn air gu le�r deagh l�irmheasan fhaighinn airson dearbhadh gu bheil sinn air �re ruigsinn, agus shaoileadh tu gum biodh e freagarrach gu le�r am film a chur air adhart."

Thuirt BAFTA gun robh fo-chomataidh de bhuill na comataidh film aca air na filmichean airson roinn nan c�nainean c�ine fhaicinn agus tha iad air co-dh�nadh nach bi iad a' cur an fhilm air adhart.

Thuirt an aithris: "As d�idh iarrtas bho riochdaire an fhilm Seachd fh�in, dh'fhosgail a' chomataidh fhilm a' ch�is seo a-rithist agus rinn iad deasbad fada mu dheidhinn ach chuir iad romhpa nach cur iad am film air adhart."



RELATED INTERNET LINKS
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
Has China's housing bubble burst?
How the world's oldest clove tree defied an empire
Why Royal Ballet principal Sergei Polunin quit

PRODUCTS & SERVICES

AmericasAfricaEuropeMiddle EastSouth AsiaAsia Pacific