Skip to main contentAccess keys help

[an error occurred while processing this directive]
BBC News
watch One-Minute World News
News image
Last Updated: Thursday, 23 August 2007, 14:39 GMT 15:39 UK
Sgoiltean Eileanach an Cunnart
Comhairle nan Eilean Siar
Thuirt a' Chomhairle nach eil na sgoiltean a th' ann freagarrach
Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd 11 sgoil a dh�nadh anns na sia bliadhna a tha romhainn.

A r�ir na Comhairle chan eil roghainn eile aca, leis mar a tha an curriculum ag atharrachadh agus �ireamh nan sgoiltearan air tuiteam.

Tha an naidheachd air nochdadh agus R�naire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop, a' tadhal air Le�dhas.

Tha d�il gun cuir p�rantan ann an cuid de sg�rean an aghaidh nam planaichean agus gun d�an iad str�.

Conaltradh

'S e a tha a' Chomhairle ag iarraidh a dh�anamh, ceithir bun-sgoiltean a dh�nadh an ath-bhliadhna: Sgoil Bhaile na Creige ann am Barraigh, Sgoil Staoinebrig ann an Uibhist a Deas, Sgoil Chliasmoil anns na Hearadh, agus Sgoil Bhr�gair ann an Le�dhas.

A bharrachd air an sin, tha iad airson cuir �s do na h-�rd-sgoiltean beaga d� bhliadhna.

Tha seachd dhiubh ann: �rd-sgoil Phaibil anns an Rubha, Le�dhas, agus �rd-sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas a dh�nadh an ath-bhliadhna, �rd-sgoil nan Loch ann an Le�dhas agus �rd-sgoil Phaibil ann an Uibhist a Tuath a' bhliadhna as d�idh sin.

Cha deach co-dh�nadh a dh�anamh fhathast"
Cathraiche an Fhoghlaim, M�rag Rothach

An uair sin, dheadh Sgoil Shiaboist a dh�nadh, agus Sgoil L�onail ann an 2012, agus �rd-sgoil a' Bhac a' bhliadhna as d�idh sin.

Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, M�rag Rothach, gun t�id na molaidhean a chur mu choinneimh nam ball Diluain (27/08/07).

"Cha deach co-dh�nadh a dh�anamh fhathast," thuirt i. "'S e na buill a n� an co-dh�nadh sin."

Thuirt i nach deadh co-dh�nadh deireannach a dh�anamh gus as d�idh co-chomhairle air a' ch�is.

Tha an curriculum ag atharrachadh chun na h-�re 's nach eil a' Chomhairle den bheachd gun t�id aca air a thoirt seachad anns na sgoiltean mar a tha iad.

A thaobh nam bun-sgoiltean dheth, thuirt an Comhairliche Rothach gun robh poileasaidh aig a' Chomhairle bho chionn bhliadhnaichean, a tha st�idhichte air �ireamh na cloinne ann an sgoil, agus cho faisg 's a tha iad air an ath sgoil.

�ireamh fhalainn

Tha p�rantan draghail mu na planaichean ge-t�.

Thuirt Iain Tormod MacAmhlaigh � Br�gar, nach eil fhios aige carson a thathas a' beachdachadh an sgoil sa sg�re aigesan a dh�nadh.

"Anns na tr� bliadhna mu dheireadh, tha seachdnar a' t�iseachadh a h-uile bliadhna as �ir. Tha �ireamh gl� fhalainn an sin."

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e nas fhe�rr don chloinn, gu h-�raid aig an aois sin a bhith anns a' choimhearsnachd aca fh�in, 's tha sin aca an seo," thuirt Mgr MacAmhlaigh.

"Tha iad a' faighinn foghlam math dha-r�ribh ann am bun-sgoil Bhr�gair, 's chan eil fhios agam d� mar a bhiodh e na b'fhe�rr na tha iad a' faighinn. Tha sinne gu math riaraichte co-dhi�."

Ma tha sinn ag iarraidh a' Gh�idhlig a bhrosnachadh anns na sgoiltean, a bheil sin nas fhasa a dh�anamh anns a' choimhearsnachd fh�in no anns a' bhaile mh�r?
Alasdair Ailean BPA

Thuirt Ball P�rlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Ailean, gun robh dragh air mun bhuaidh a bhiodh aig a bhith a' d�nadh sgoiltean air coimhearsnachdan, agus air a' Gh�idhlig.

"Chaidh mise gu sgoil bheag, agus dh�in an sgoil sin, 's cha robh e math airson na coimhearsnachd."

"Ma tha sinn ag iarraidh a' Gh�idhlig a bhrosnachadh anns na sgoiltean, a bheil sin nas fhasa a dh�anamh anns a' choimhearsnachd fh�in no anns a' bhaile mh�r?"

Tha taic uabhasach l�idir anns na h-Eileanan an Iar airson �rd-sgoiltean d� bhliadhna, agus bidh mise a' putadh air an son," thuirt Mgr Ailean.

Thuirt R�naire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop, nach robh adhbhar ann nach ghabhadh an curriculum �r a thoirt seachad anns na sgoiltean mar a tha iad, agus nach robh c�il a ch�ir sin a chleachdadh mar leisgeul airson sgoiltean a dh�nadh.


RELATED INTERNET LINKS
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
Has China's housing bubble burst?
How the world's oldest clove tree defied an empire
Why Royal Ballet principal Sergei Polunin quit

PRODUCTS & SERVICES

AmericasAfricaEuropeMiddle EastSouth AsiaAsia Pacific