Skip to main contentAccess keys help

[an error occurred while processing this directive]
BBC News
watch One-Minute World News
News image
Last Updated: Tuesday, 5 June 2007, 16:50 GMT 17:50 UK
Creach Fearainn Bhatarsaigh 1906
Fear-naidheachd a' BhBC Te�rlach Quinnell a' toirt s�il air Creach Fearainn Bhatarsaigh bho chionn ceud bliadhna.

Th�id �raidean agus tursan gu Bhatarsaigh, Pabaigh agus Mi�ghlaigh a chumail air a' mh�os seo, mar ph�irt de Bhliadhna Chultarail na G�idhealtachd.

Dealbh: Comunn Eachdraidh Bharraidh agus Bhatarsaidh
An fheadhainn a chaidh dhan phr�osan an 1906
A' coimhead gu deas � mullach H�abhail os cionn Bhagh a' Chaisteil, chithear eileanan uaine an Easbaig - Bhatarsaigh, Sanndraigh, Pabaigh, Miughlaigh agus Bearnaraigh.

Do dhaoine a' tadhal anns na h-eileanan, tha iad, air l� br�agha s�mhraidh, nan tarraing, 's nan cothrom.

Nach e a bhiodh math dachaigh a bhith aca ann, air a chuairteachadh leis a' mhuir ghuirm �lainn ud, air falbh bho thrioblaidean an t-saoghail?

An diugh chan eil ach aon de na h-eileanan sin agus daoine a' fuireach ann.

'S e sin Bhatarsaigh, am fear as fhaisge air Barraigh, agus cabhsair a' s�neadh eatarra.

Bho chionn ceud bliadhna, cha b' e luchd-turais a bha a' coimhead 's a' faicinn cothrom tarraingeach anns na h-eileanan gu deas air Barraigh, ach daoine a choimhead gu tuath, bho cheann eile an t-seallaidh.

Bha ann an Eilean Mhi�ghlaigh, mu 150 duine a' fuireach nuair a bu mhotha sluagh an eilein. Aig toiseach na 20mh linne, bha trioblaidean m�ra aca.

Bha a' bheatha air f�s ro dhoirbh dhaibh, agus do mhuinntir nan eileanan beaga eile.

Na Fuadaichean

Eileanan an Easbaig
A' coimhead gu deas � mullach H�abhail

Ri linn nam fuadaichean ann am Barraigh, 's ann a dh'fh�s sluagh Eileannan an Easbaig, agus daoine a' taghadh a bhith a' tuinneachadh an sin, seach eilthireachd. Bha an sluagh ann am Mi�ghlaigh a' f�s ro mh�r airson na bh' ann de dh'fhearann.

Ann an 1897, bh�thadh fireannaich eilein Phabaigh air fad, nuair a chuir am b�ta aca car gu deas air Bearnaraigh. Bha na trioblaidean an cois bh�taichean beaga, agus eileanan gun lamraig earbsach a' tighinn gu follais.

Bha coimhearsnachd Mhi�ghlaigh air tagradh a dh�anamh airson cidhe a thogail san eilean, leis cho doirbh 's a bha e na b�taichean aca a tharraing suas an tr�igh, agus iasgach na bhun-st�idh dhan eaconamaidh aca.

Ann a 1901, fhuair iad crann, nach do dh'obraich ceart, an �ite cidhe.

Bha s�ilean cuid san eilean a' coimhead gu tuath, gu ruige eilein thorraich Bhatarsaigh.

B' ann mar aon tac a bha an t-eilean sin ga obrachadh, fon uachdaran, A' Bhean-uasal Gh�rdan Cathcart - t� nach do thadhal ach aon turas anns na h-eileanan r� nan 54 bliadhnaichean a bha iad aice.

Do na daoine a bha as aonais fearainn, no feumach air �ite c�mhnaidh d�igheil, bha an t-eilean, le a acarsaidean fasgach, air leth.

Creach Fearainn

San Iuchair 1906, ghabh daoine � Barraigh aig nach robh fearann, no fi� 's cead taigh ceart a thogail bhon uachdrann, talamh ann am Bhatarsaigh.

Tha cuid air a r�dh gun robh iad a' tarraing air seann lagh - a tha a' nochdadh ann an seann tr�chdasan lagha na h-�ireann - leis am faigheadh daoine sealbh air fearann nan togadh iad bothan agus nan lasadh iad teine, taobh a-staigh l�.

Co-dhi� a bheil sin ceart no ce�rr, 's e sin a rinn iad, agus cha b' fhada gus an do rinn daoine eile � Barraigh agus Eileanan an Easbaig an dearbh rud.

Thug a' Bhean-uasal Gh�rdan Cathcart gu lagh iad, ach thuirt am britheamh nach robh i air a dleastanasan mar uachdaran a choileanadh.

Thuirt e gun robh i air a bhith coma-co-dhi� mu fheumalachdan nan cotaran - daoine gun fhearann - 's gur beag an t-iongnadh gun do rinn iad na rinn iad.

Chaidh ceist nan Creachadairean a thogail ann an Westminster, ach a dh'aindeoin sin agus m�ran taic bhon phobal, chaidh d� mh�os pr�osain a chuir orra.

Ann an 1909 ge-t�, cheannaich an Congested Districts Board Eilean Bhatarsaigh, 's rinn iad 58 croitean ann, do dhaoine aig nach robh fearann.

Bhatarsaigh
Ceann a Tuath Eilein Bhatarsaigh

Ann an 1912, dh'fh�g na daoine mu dheireadh ann am Mi�ghlaigh an dachaighean, 's chaidh iad a dh'fhuireach a Bhatarsaigh.

Ceud Bliadhna

An-diugh, tha sliochd an fheadhainn a theann air Bhatarsaigh fhathast san eilean, agus cabhsair a-nis aca tarsainn a' Chaolais a Bharraigh, a chaidh a thogail gus an dearbh shuidheachadh 's a bh' ann am Mi�ghlaigh a sheachnadh.

Theid eachdraidh na creiche innse le fear a th' air m�ran rannsachaidh a dh�anamh air, ann am Bagh a' Chaisteil air an 8mh - 9mh l� den �gmhios.

Bidh Ben Buxton agus Calum MacN�ill a' toirt seachad �raidean ann an ionad Dualchas, aig Comann Eachdraidh Bharraigh agus Bhatarsaigh.

Bidh cuideachd turas a Bhatarsaigh, agus turas b�ta ann gu Eilean Phabaigh, agus a Mhi�ghlaigh, a' comharrachadh 100 bliadhna bho ghabh a' chreach fearainn �ite.


RELATED INTERNET LINKS
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
Has China's housing bubble burst?
How the world's oldest clove tree defied an empire
Why Royal Ballet principal Sergei Polunin quit

PRODUCTS & SERVICES

AmericasAfricaEuropeMiddle EastSouth AsiaAsia Pacific